Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ian Tomlinson

Thabhainn Poilis a' Mhet leisgeul air teaghlach Ian Thomlinson, a bhàsaich an dèidh mar a chaidh a leagail gu làr le fear-poilis nuair a bha iomairtean an G20 a' dol ann an Lunnainn ann an 2009. Bha Mgr Tomlinson a' coiseachd dhachaigh nuair a chaidh a leagail leis a' Chonnstabal Simon Harwood. Thuirt bean Mhgr Thomlinson gun robh cothrom aig an teaghlach a-nis coimhead air adhart, seach a bhith a' coimhead air ais air na thachair.

Cille Chuimein

Tha daoine a dh'fhulaing droch dhìol agus drabastachd aig sgoil Abaid Chille Chuimein a' beachdachadh air an Eaglais Chaitligeach a thoirt gu lagh. Thabhainn Easbaig Obar Dheathain leisgeul air an fheadhainn a dh'fhulaing ann an Cille Chuimein an-dè, agus e ag ràdh gun robh na rinn cuid de mhanaich "piantail agus maslach."

Carbad Phoilis

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal an dèidh mar a chaidh a leagail le càr poilis ann an Eilginn an-diugh sa mhadainn. Tha an duine, a tha na 20an, a' faighinn cùraim ann an Ospadal Dr Gray's anns a' bhaile, 's chan eil fhios aig an ìre seo dè cho dona 's a chaidh a leòn. Thuirt Poilis na h-Alba nach robh an càr poilis a' dèiligeadh ri suidheachadh èiginneach aig an àm.

HSBC

Dh'fhoillsich am banca as motha ann am Breatain, HSBC, prothaidean ro chìsean de £9.2bn airson a' chiad sia mìosan den bhliadhna. Sin àrdachadh de 10% thairis air an aon àm an-uiridh, ach beagan nas lugha na bha cuid de dh'eòlaichean a' sùileachadh.

Alba 's an AE

Thuirt Comann Lagha na h-Alba gum bu chòir dhan dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Westminster a' chomhairle laghail a fhuair iad mu bhallrachd Alba neo-eisimeilich anns an Aonadh Eòrpach fhoillseachadh. Thuirt a' bhuidheann gun robh cinnt laghail air a' chùis a dhìth mus bhòt daoine anns an referendum air neo-eisimeileachd air an ath-bhliadhna. Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gu bheil dùil aca ri ballrachd anns an Aonadh Eòrpach a fhaighinn tro chòmhraidhean agus aonta an dèidh neo-eisimeileachd. Ach tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gum feumadh Alba neo-eisimeileach iarrtas ùr a chur a-steach airson ballrachd fhaighinn.

Cùmhnantan Obrach

Tha rannsachadh ùr a' sealltainn gu bheil fada a bharrachd luchd-obrach air am fastadh fo chùmhnantan nach eil a' gealltainn obair sam bith dhaibh na tha na figearan oifigeil a' tomhas. Thuirt Institiùd Clàraichte an Luchd-obrach 's an Leasachaidh gur dòcha gu bheil suas ri millean duine air cùmhnantan ris an canar "zero hours" nach eil a' gealltainn gum faigh iad obair sam bith, no pàigheadh sam bith.