Fèille Seilge na Mòighe
- Air fhoillseachadh
Calum MacIllEathain ag aithris bho Fhèille Seilge na Mòighe, ann am beanntan a' Mhonaidh Lèith.
Cha b' e Beul Atha an Droma an aon àite air Ghàidhealtachd far an robh fèis mhòr a' dol air an deireadh sheachdain.
Bha Fèill Seilg na Mòighe ann cuideachd, a' toirt cothrom do mhòran dhaoine spòrs seilge fheuchainn.
'S e seo an 36mh fèill agus i gu math cudromach ann a bhith a' toirt fàs air clubaichean anns an sgìre.
Chaidh Calum MacIlleathain ann gus a làmh fheuchainn ri cuid de na bha a' dol.