Fhuair poilis aithrisean ùra mu sgoil-chòmhnaidh Chille Chuimein
- Air fhoillseachadh

Tha poilis ag ràdh gu bheil iad air aithrisean ionnsaigh agus drabastachd ùra fhaighinn an aghaidh mhanach aig seann sgoil Chaitligich air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh rannsachadh a chur air dòigh an t-seachdain seo chàidh às dèidh do phrògram a rinn am BBC fianais fhaighinn de dh'ionnsaighean agus drabastachd aig sgoil Abaid Chille Chuimein.
Thuirt brath bho na poilis gu bheil iad a' cò-obrachadh le feachdan ann am Breatainn agus ann an dùthchanan eile.
Tha Easbaig Obar Dheathain air leisgeul iarraidh airson na dòigh "nàireachail" anns an deach sgoilearan a làimhseachadh le cuid de mhanaich aig sgoil Abaid Chille Chuimein.
Tha feadhainn a dh'fhulaing ionnsaighean aig an sgoil ag ràdh gum feum gnìomh, seach faclan, tighinn bhon Eaglais.
Thuirt na poilis gu bheileas air barrachd aithrisean fhaighinn bho sheann sgoilearan san t-seachdain a dh'fhalbh, 's gu bheil an rannsachadh aca beò. Tha an rannsachadh air leudachadh 's iad a' cò-obrachadh le feachdan poilis eile ann am Breatainn agus ann an dùthchanan eile.
Ann am BBC Scotland Investigates: Sins of Our Fathers, a chaidh a chraoladh Diluai seo chàidh, bha fianais an aghaidh sheachdnar mhanach ann an Cille Chuimein.
Tha an t-Òrdugh Benedigteach, a bha a' ruith nan sgoiltean, mar thà air leisgeul a thabhainn.
Airgead Dìoghlaidh
Bho chaidh am prògram a chraoladh, chuir seann sgoilearan fios air a' BhBC le sgeulachdan coltach de dh'ionnsaighean suas gu dùnadh na sgoile anns na 1990an.
Tha an Eaglais Chaitligeach an Alba ag ràdh gu bheil na cumhaidhean sàbhailteachd aca, a tha ag amas air clann a dhìon bho ionnsaighean drabasta, làidir agus follaiseach.
Thuirt iad cuideachd gum foillsich iad sgrùdaidhean bliadhnail a tha a' dèiligeadh ri casaidean ionnsaigh a' dol air ais gu 2006.
Didòmhnaich rinn Easbaig Obar Dheathain Ùisdean Gilbert òraid ri coithionail ann an Cille Chuimein - a' chiad uair a tha fear de dh'Àrd-Chlèirich na h-Eaglaise air bruidhinn gu poblach mun chùis.
Thuirt e ris a' choithionail: "'S e rud air leth searbh, nàireachail, àmhgharach a th' ann gun robh buidheann bheag de dh'fhir Chrìosdaidh, baistichte, coisrigte anns an t-seann sgoil mhanach seo air ionnsaighean neo ionnsaighean drabasta a thoirt air an fheadhainn a bha fon cùram.
"Tha sinn airson 's gum bi rannsachadh poilis mionaideach ann mun a h-uile càil a tha seo. Agus gun tèid a h-uile càil a ghabhas a dhèanamh, a dhèanamh airson an fheadhainn a dh'fhulaing. Feumaidh sinn uile ùrnaigh a dhèanamh dhaibh a tha air fulaing."
Ach, thuirt Crìsdean Walls a dh'fhulaing ionnsaighean agus drabastachd ann an sgoil ullachaidh Carlekemp ann an Lodainn an Ear ri Good Morning Scotland nach robh beachd math sam bith aige air an leisgeul.
Thuirt e: "Tha mi fhèin 's mo bhràthair air a bhith a' gearain mu a dheidhinn bho 2010, gu h-oifigeil, agus tha mi air iomradh a thoirt air le grunn chlèireach grunn thrupan san eadar-ama, 's mi an còmhnaidh a' faighinn freagairt a bhith sàmhach - 'cùm sàmhach agus tairg suas e' - tha mi a' creidsinn, gus nach deadh aonachd na h-Eaglaise a mhilleadh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na peacaidhean seo a' gairm ri Nèamh airson dìoghaldas, leis an fhìrinn innse, agus feumaidh am freagairt a bhith nas làidire agus le buntainneas nas dìriche dhomhsa."
Thuirt e cuideachd: "Ma ghoideas tu òige agus oideachadh bho chuideigin, feumaidh tu sin a chur ceart."
Thuirt Mgr Walls gun robh e a-nis a' coimhead air cùis lagha a thogail 's gum biodh e a' sireadh airgid-dhìoghlaidh.
Tha e ag ràdh gur e aonta a ruighinn taobh a-muigh na cùirte as fheàrr leis gun seachnadh sin trioblaidean dhan a h-uile duine, 's gum biodh e a' faireachdainn rudeigin nas pròiseile sa chreideamh a tha e air a bhith an luib fad a bheatha.
Ministreachd
Thuirt Tina Chaimbeul, a tha na comhairliche sàbhailteachd do Sgìre Easbaig Thobar na Màthar, gun robh e "gu tur maslach" gun deach Mgr Walls a "shàmhachadh" ron a seo nuair a bhruidhinn e ri sagartan. Thuirt i gun dèiligeadh an Eaglais Chaitligeach gu làidir a-nis le aithrisean den leithid.
"Thèid aithrisean ùra, ma tha iad a' tighinn chun na h-Eaglaise, a thoirt san spòt dha na poilis," thuirt i ri BBC Radio Scotland.
"Bidh na poilis a' faighinn a-mach co-dhiù tha na sagartan sin fhathast beò, neo an do bhàsaich iad. Ma tha iad fhathast beò, càite a bheil iad?
"Ma tha iad an sàs fhathast anns a' Mhinistreachd, 's ma tha iad fhathast ann an Òrdugh nam Benedigteach, 's dòcha nach bi cuid, 's dòcha gun deach iad a dh'àiteachan eile, feumaidh a' mhinistreachd aca stad san spòt."
Thuirt Ms Chaimbeul cuideachd gun coimheadadh an eaglais air ais air na clàran agus na faidhlichean aca a' buntainn ri ionnsaighean thar 50 bliadhna, agus gun deadh fiosrachadh fhoillseachadh ann an 2014.
"Tha sinn ann an suidheachadh far a bheil faidhlichean sa h-uile sgìre Easbaig, anns a h-uile tasglann, agus thèid a dhol tromhpa, thèid an sgrùdadh agus thèid aithisgean ullachadh agus bheir e rud beag nas fhaide dhuinn sin a dhèanamh," thuirt i.