Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

6 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teine

Tha na seirbheisean èiginneach air a bhith a' dèiligeadh le fìor dhroch-teine aig taigh ann an sgìre Hilton de dh'Inbhir Nis madainn an-diugh. Chaidh grunnan thaighean fhuadach ann an Leyton Drive, agus chaidh an rathad fhèin a dhùnadh. Chaidh an teine a chuir às, agus a-nis tha rannsachadh le seirbhisean-smàlaidh, agus na polais air tòiseachadh. Cha deach innse aig an ìre-sa an deach duine a ghortachadh san teine.

Ambasaidean

Mhol Oifis nan Duthchannan Cèin dhan luchd-obrach aca ann an Ambasaid Bhreatainn anns an Yemen an dùthaich fhàgail, agus dragh orra mu ionnsaigh cheannairc. Chaidh naoi ambasaidean deug a dhùnadh le na Stàitean Aonaichte san Ear Mheadhanach agus ann an Afraiga, an dèidh do dh'ùghdarrasan na dùthcha a bhith a' far-chluais air dithis de cheannardan Al-Qaeda.

Gunna

Tha coltas gun deach dithis a ghoirteachadh an dèidh mar a chaidh gunna a losgadh air tuathanas ann an Cill Bhrìghde an Ear. Thachair e ann an sgìre Auldhouse, beagan an dèidh ochd uairean madainn an-diugh. Tha rannsachadh poilis a' leantainn a thaobh na thachair.

Bathadh

Chaidh dithis fhireannach a bhàthadh aig dàm ann an Àird Rosain - ann an ceann a tuath Shiorrachd Adhair. Fhuaireadh cuirp fear aois seachd bliadhna deug agus fear aois fichead - anns an uisge aig dàm Mill Glen aig Millfarm - goirid ro mheadhan-oidhche. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu ochd uairean às dèidh mar a chaidh an dithis fhaicinn a' dol dhan uisge agus nach do nochd iad tuilleadh.

Bàis

Tha na polais ag ràdh gun tug càraid Ruiseanach a fhuaireadh marbh ann an seòmar ann an taigh-òsda an Scotsman ann an Dùn Èideann an t-seachdain sa chaidh, stuth chemigeach leotha dhan an rùm. Bha Igor Pavlov, aois seachd thar fhichead agus Daria Kuchuk, aois còig bliadhna deug thar fhichead, a' fuireach anns a' bhaile. Tha deuchainnean forensic a' dol air adhart air stuthan a chaidh fhaighinn anns an t-seòmar aca.

Deuchainnean

Tha na mìltean sgoilearan air feadh Alba a' faighinn a-mach an-diugh - mar a chaidh dhaibh anns na deuchainnean aca. Tha na h-àireamhan dhaoine a rinn a' chùis anns na deuchainnean aca air a dhol am meud le Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur i seo a' bhliadhna as soirbheachaile a-riamh. Tha cairteal de sgoilearan air roghnachadh buil nan deuchainnean fhaighinn tron a' phost-dealain neo le teacsa air am fòn-làimhe aca. Tha mòran air a bhith a' cumail a-mach gu bheil na deuchainnean air a bhith a' fàs nas fhasa anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.