Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre an Rèidh

Tha Riaghladair ùr Bhanca Shasainn air a ràdh gun cùm e ìre an rèidh aig ìre shònraichte gus an tig an àireamh de dhaoine gun chosnadh sìos. Dh'fhoillsich Mark Carney am poileasaidh ùr a bhios ag amas air misneachd anns an eaconamaidh a bhrosnachadh. Leanaidh ìre an rèidh aig 0.5% gus an tuit an àireamh gun chosnadh fo 7%. Thathar an dòchas gun toir sin cothrom do bhancaichean agus eile morgaidsean a thabhainn do dhaoine aig ìre nas ìsle airson ùine nas fhaide. Thuirt e cuideachd nach robh e an dùil gun deadh ìre na h-atmhorachd os cionn 3% ro dheireadh na bliadhna.

Port-adhair Nairobi

Tha teine mòr air port-adhair eadar-nàiseanta Nairobi a dhùnadh ann an Ceinia. Thuirt Ùghdarras Phort-adhair Cheinia gun deach Port-adhair Jomo Kenyatta a dhùnadh agus gun deach luchd-siubhail a ghluasad a-mach. Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè dh'adhbharaich an teine, agus chan eil aithrisean sam bith gun deach daoine a leòn.

An Iemen

Tha iomairt thèarainnteachd mhòr air a bhith a' dol anns an Iemen agus ùghdarrasan na dùthcha ag ràdh gu bheil iad air stad a chur air ceannaircich Al Qaeda pìoban ola a spreadh agus cuid de phuirt na dùthcha a ghabhail thairis. Tha tancaichean agus saighdearan aig ionadan dioplòmasach, oifisiean an Riaghaltais agus am port-adhair ann am prìomh bhaile Sanaa. Tha Breatainn agus na Stàitean Aonaichte air an luchd-obrach dioplòmasach aca a tharraing a-mach às an dùthaich, agus eagal orra mu ionnsaigh cheannairc.

Lannraig a Deas

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil rannsachadh susbainnteach a leantainn an dèidh mar a chaidh dithis fhireannach anns na 50an a mharbhadh nuair a chaidh losgadh orra le gunna aig tuathannas ann an Lannraig a Deas. Chaidh Peadar MacThòmais, a bha a' fuireach aig tuathanas Meadowhead ann an Auldhouse, far an do thachair an ionnsaigh madainn an-dè, a mharbhadh. Chaill Raibeart MacCarmaig cuideachd a bheatha. Chaidh Iain MacThòmais, mac Pheadair, a ghoirteachadh mu na casan anns an tachartas, ach chaidh aige air fios a chur chun nam Poileas mu na bha a' dol.

UKIP

Thuirt am pàrtaidh UKIP gun do dh'iarr iad air a' Bhall Eòrpach aca Godfrey Bloom, an abairt "Bongo-Bongo Land" a sheachnadh nuair a tha e a' bruidhinn air far a bheil taic-airgid a' dol à Breatainn. Chleachd Mgr Bloom an abairt agus e a' càineadh mar a bha an taic-airgid a bha Breatainn a' cur a-null thairis ga chleachdadh, ag ràdh gun robhas ga chosg air "speuclairean grèine daora agus flataichean ann am Paris."