Deuchainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Toraidhean nan Deuchainnean

7 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair sgoilearan air feadh na h-Alba a-mach Dimàirt mar a chaidh leotha anns na deuchainnean aca.

Rinn còrr is 150,000 ògannach pàipearan aig Ìre Choitchinn, Àrd-Ìre, neo Sàr-Àrd-Ìre.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh sgoilearan na dùthcha a-riamh cho soirbheachail.

Seo cuideachd a' bhliadhna mu dheireadh dhen Ìre Choitchinn.

Nuair a dh'fhosglas na sgoiltean nas fhaide air adhart air a' mhìos, 's e Ìre Nàiseanta Ceithir 's a Còig a bhios ann.

Tha an aithris seo aig Darren Linc.