Obair air an A82
- Air fhoillseachadh

Thòisich an obair-togail aig Creag na Cùbaid air an A82 sa Chèitean am bliadhna, ach a-nis feumar an rathad a dhùnadh tron oidhche.
Thèid an rathad a leudachadh gus cuidhteas fhaotainn de na solais-rathaid, agus thathar a' dol a thogail drochaid aig oir an locha.
Chan eil clàran oifigeil aig Còmhdhail Alba a thaobh dè cho fada is tha iad air a bhith ann, ach bha iad an seo airson còrr is 30 bliadhna co-dhiù.
Airson an obair sin a dhèanamh feumar an rathad a dhùnadh eadar 10:00f agus 06:00m a h-uile oidhche eadar seo agus 20mh An Sultain.
Aig na h-amanan sin feumaidh dràibhearan rathad Inbhir Aora agus Dail Mhàilidh a ghabhail.
Ach gu fortanach cha bhi an rathad a' dùnadh fad trì mìosan mar a bha dùil an toiseach.
Uile gu lèir cosgaidh am pròiseact £9.3m agus thathar an dòchas gum bi e deiseil as t-Earrach.
Seach-rathad sa Chrìon-Làraich
Chaidh fhoillseachadh gur e a' chompanaidh RJ MacLeòid a fhuair an cùmhnant airson seach-rathad a thogail timcheall air a' Chrìon-Làraich.
Is e cùmhnant luach £5m a th' ann, agus thèid an rathad ùr seo a thogail air taobh siar a' bhaile.
Dh'fhaodadh cùisean a bhith gu math teann do dhràibhearan sa Chrìon-Làraich gu h-àraidh aig àirde an t-Samhraidh nuair a tha na rathaidean trang le luchd-turais.
Tha dà dhrochaid ìosail, chumhang sa bhaile far am faodadh maill a thighinn air an trafaig.
Tòisichidh an obair an ceann beagan sheachdainean agus thathar an dùil gum bi e deiseil as t-Samhradh an ath-bhliadhna.