Moore ann an Leòdhas

HHP
Image caption Tha HHP ag iarraidh gum bi na h-Eileanan saor bho Chìs an t-Seòmair Chadail.

Tha Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore a' tadhail air Leòdhas Diluain agus grunn rudan air a chlàr aige.

Nam measg, tha a bhith a' coinneachadh riutha-san a tha an sàs san iomart "Ar n-Eileanan ri Teachd" a tha ag iarraidh barrachd chumhachdan do dh'ùghdarrasan ionadail eileanach.

"Tha sinn dìreach airson mìneachadh dha dè tha fa-near dhuinn ann a bhith ag iarraidh barrachd chumhachdan dha na h-ùghdarrasan ionadail eileanach, agus cuideachd, sinn fhìn a bhith a' faighinn a-mach bhuaithesan dè am beachd a th' aig Riaghaltas Bhreatainn air na tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, agus dè an dòigh san urrainn dhuinn, le chèile, gluasad air adhart air seo," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Às dèidh dha tadhail air Comhairle nan Eilean Eiar, bidh e cuideachd a' coinneachadh ri Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP).

Gainnead Taigheadais

Air a' mhìos a chaidh dh'innis HHP gun robh 60 den luchd-còmhnaidh aca ann am fiachan ri linn atharrachaidhean ann an sochairean ris an canar "cìs an t-seòmair chadail".

Fhuair an t-ùghdarras ionadail £67,000 bho Riaghaltas Westminster bho chionn ghoirid 'son buaidh na cìse a lùghdachadh.

Tha HHP airson 's nach bi a' chìs a' bualadh air daoine sna h-Eileanan Siar idir.

"Tha sinn taingeil gun tug iad dhuinn an cuideachadh, leis an ionmhas a tha iad a' toirt dhuinn," thuirt Tormod MacLeòid, bho HHP.

"Tha sin a' sealltainn dhaibh fhèin agus dhuinne, gu bheil iad a' sealltainn ris a' chùis, agus gu bheil iad ag aithneachadh gum feum rudeigin a bhith air a dhèanamh.

"Ach tha mi a' smaoineachadh an dòigh as fheàrr dèiligeadh ris a h-uile càil a tha seo, 's e gun toireadh iad air falbh a' chìs gu lèir anns na h-Eileanan.

"Tha na h-Eileanan diofraichte bhon chòrr de dh'Alba, airson tha duilgheadas againn le taighean.

"Tha gainnead de thaighean againn a bhiodh freagarrach airson aon seòmair chadail mar gun canadh tu, agus tha e glè dhuilich dhuinn càite an cuireadh sinn daoine ged a bhiodh iad eadhon ag iarraidh sioftadh gu dachaigh nas lugha na th' aca.

"Tha mise a' smaoineachadh, air feadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar, far a bheil na trioblaidean as motha, nach cosgadh e càil dhaibh a dhèanamh aig deireadh an là, agus gum biodh e tòrr na b'fhasa.

"Mur a faigh sinn fuagladh dha seo, bidh e a' ciallachadh gum bi fiachan HHP a' dol an-àirde.

"Tha an t-ionmhas a tha sinn a' faighinn a' cuideachadh leis an t-suidheachadh.

"Ach chan eil e a' dol a chur a h-uile càil a th' ann ceart. Nam biodh, cha bhiodh feum ann a bhith a' coinneachadh.

"Tha e cudromach gum faigh sinn freagairt cheart airson na slighe air adhart," thuirt e.