Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh na h-Alba

Tha comharran ann gu bheil piseach a' tighinn air eaconamaidh na h-Alba. A rèir Clàr nam Manaidsearan-Ceannaich aig Banca na h-Alba (PMI), thàinig àrdachadh ann an roinn nan seirbheisean agus tionnsgalachd. Fhuair aithisg eile bho àrd-eòlaiche eaconamach Riaghaltas na h-Alba gun robh an eaconamaidh a' fàs.

Luchd-obrach Cèin

Thuirt fear-labhairt In-imreachd nan Làbarach, Chris Bryant, gum feum companaidhean Breatannach sealltainn gu bheil iad a' dèanamh oidhirp luchd-obrach ionadail a thrèanadh agus fhastadh. Ann an òraid san uair de thìde mu dheireadh gun robh a' bhùth Next air na ceudan luchd-obrach eadar-amail fhastadh às a' Phòlainn an-uiridh. Thuirt e cuideachd gun robh luchd-obrach aig Tesco air dragh a nochdadh mun àireamh de dhaoine à thall-thairis a bha ag obair anns na bùithdean. Chaidh na companaidhean às àicheadh nan casaidean.

Mìcheal Moore

Tha Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, ann an Leòdhas a' coinneachadh ri riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP). Cluinnidh e mu iarrtasan barrachd chumhachdan a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail Eileanach, bho fheadhainn a tha an sàs anns an iomairt "Ar n-Eileanan Ri Teachd". Thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a tha cuideachd air bòrd HHP, gun iarradh esan gun deadh cur às dhan atharrachadh ann an sochairean sòisealta ris an canar Cìs an t-Seòmair Chadail anns na h-Eileanan, leis gu bheil gainnead thaighean freagarrach na dhuilgheadas ann an sin.

Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis

Thèid iarraidh air comhairlichean ann an Inbhir Nis a thighinn gu aonta mu atharrachaidhean air prìomh rathad taobh siar a' bhaile, a thuilleadh air atharrachaidhean air an làraich spòrs, agus raon-goilf Tòrr Bheathain. Thuirt a' Chomhairle gu bheil na h-atharrachaidhean air an rathad gan cur an sàs ri linn bheachdan a fhuair iad bhon phoball, agus nach eil iad mòr gu leòr airson gum feum co-chomhairleachadh poblach a bhith air a chumail mun chùis. Thèid co-luadair a dhèanamh mu na tha san amharc a thaobh ghoireasan spòrs, agus an raon-goilf ge-tà. Tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil iad misneachail gun tèid tòiseachadh air an obair ann an 2015 mar a bha dùil.

Hunndaidh

Tha poilis a' sireadh dithis fhireannach anns na 20an a theich bho làrach tubaist-rathaid ann an Siorrachd Obar Dheathain aig deireadh na seachdain. Thachair an tubaist air Sràid na Pàice Sear ann an Hunndaidh mu 5:30f an-dè. Thugar fireannach, 60 bliadhna de dh'aois, agus boireannach a tha còrr is 40 bliadhna de dh'aois, dhan ospadal.

Port-adhair Dhùn Èideann

Chaidh millean duine tro Phort-adhair Dhùn Èideann ann am mìos airson a' chiad turais. Shiubhail 1,083,000 duine tron phort-adhair anns an Iuchair - àrdachadh de 13% air a' bhliadhna ron a sin.