Am boireannach a bhàsaich far na Hearadh air a h-ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh am boireannach a bhàsaich às dèidh mar a bha duilgheadas aice a' snàmh far chosta an iar na Hearadh oidhche Luain ainmeachadh.

B' i Rosemary Wickstead, 45, à sgìre Lunnainn.

Bha i a' snàmh còmhla ris an duine aice agus an triùir mhac aca air an Tràigh Mhòir, a tha eadar Sgarastadh agus na Buirgh.

Chuir cuideigin às an sgìre fios air Maoir-chladaich Steòrnabhaigh mu 19:40 agus chaidh Rosemary Wickstead a thogail gu Ospadal nan Eilean Siar, far na bhàsaich i.

Chaidh an duine aice agus dithis dhe na balaich a thoirt dhan ospadal cuideachd, ach tha iad air faighinn a-mach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh