Sàbhalaidhean air fàire aig NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Cluinnidh buill Bhòrd NHS na Gàidhealtachd dè na sàbhalaidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh 's iad ann an cunnart a dhol £9.8m thairis air a' bhuidseat aca.
Tha ceannardan a' bhùird ag ràdh gu bheil iad misneachail gun tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais.
Tha cosgaisean an lùib Ospadail an Ràthaig Mhòir agus seirbheisean sòisealta inbheach air cùlaibh na h-easbhaidhe.
Tha beachd aca air far an gabhadh a' mhòr-chuid de sàbhalaidhean dèanamh, ach tha fhathast £3m a dhìth.
Tha sin air draghan a dhùsgadh am measg cuid gum faodadh sàbhalaidhean a bharrachd buaidh a thoirt air ìrean chùraim.
Thuirt Cathraiche Bòrd NHS na Gaidhealtachd, Garry Coutts, nach robh e idir air a dhol thairis bho thòisich e anns an dreuchd agus gun robh e cinnteach gun tachradh an aon rud a-rithist.
Ach, thuirt e nach robh e airson dèanamh dheth gur e rud beag-seadh a bh' ann, agus gun deadh sàbhalaidhean a dhèanamh ann an oidhirp ìrean a ghlèidheadh.