Misneachd à turas Moore
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gun d'fhuair iad èisteachd thaiceil bho Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, a thaobh tuilleadh chumhachdan fhaighinn dhaibh fhèin agus do dh'ùghdarrasan ionadail eileanach eile.
Bha Mgr Moore air chuairt ann an Steòrnabhagh Diluain, agus tha e gu bhith ann an Uibhist Dimàirt.
Thuirt e gun robh e ag iarraidh tuilleadh chòmhraidhean air iarrtasan cumhachdan Oighreachd a' Chrùin, a thaobh grunnd na mara, a thoirt dha na comhairlean.
"Rinn esan gu math soilleir e gu bheil esan gu math làidir den bheachd gu bheil còir aig na co-dhùnaidhean a tha a' bualadh air coimhearsnachdan aig ìre ionadail a bhith air an dèanamh cho faisg ris a' choimhearsnachd a tha sin 's a ghabhas a dhèanamh," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' creidsinn sin gu pearsanta, agus cuideachd a thaobh an Riaghaltais.
"Thug e misneachdh dhuinn gu bheil esan dha-rìribh airson adhartas a dhèanamh," thuirt e.