Tom Friseal air a lorg
- Air fhoillseachadh

Thug a mhàthair taing don fheadhainn a chuidich le bhith ga lorg.
Dhearbh teaghlach fhir òig à Leòdhas a bha a dhìth còrr is seachdain gun deach a lorg slàn sàbhailte.
A' sgrìobhadh air Twitter, thug màthair Tom Fhriseil taing don fheadhainn a bh' air cuideachadh leis an iomairt gus a lorg.
Bha Tom air a bhith aig fèis chiùil Bheul Àth an Droma, 's cha robh sgeul air bho Là na Sàbaid 4mh an Lùnastal.