Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cairo

Chaidh aithris gun deach grunn dhaoine a mharbhadh ann an iomairt le feachdan tèarainnteachd na h-Èipheit airson daoine fhuadachadh à dà champa aig luchd-taic an t-seann chinn-suidhe Morsi. Thuirt fear-naidheachd aig aon de na làraichean gum faca e 43 corp, grunn dhiubh air an leòn le peilearan. Thuirt Ministear Stàite an Riaghaltais gun deach dithis bho na feachdan tèarainnteachd a mharbhadh, agus gun deach grunn cheannardan bhon Bhràithreachas Mhuslamach a thoirt an grèim.

Peru

Thuirt deugaire Albannach a th' air a cumail an grèim ann am Peru fo chasaid gun robh i a' feuchainn ri cocaine luach £1.5m a thoirt a-mach às an dùthaich, gun deach bagairt oirre fhèin agus boireannach eile le gunna, airson toirt orra a bhith ri cùiltearachd dhrogaichean. Tha dùil gun tèid casaidean a thogail an aghaidh Malissa Reid, à Lenzie, agus Michaella McCollum, à Èirinn a Tuath anns a' chùirt an-diugh.

Cumhachd Ath-nuadhachail Uibhist

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu bheil Ministreachd an Dìon (MoD) a' dèanamh an dìcheill fuasgladh fhaighinn air cnap-starra a th' air a bhith a' cur stad air barrachd phròiseactan ath-nuadhachail bho a bhith a' dol air adhart ann an Uibhist. Tha an MoD air a bhith a' cur an aghaidh thagraidhean cead-dealbhachaidh airson tuathan-gaoithe, agus dragh orra mu bhuaidh chrann-gaoithe air an uidheamachd radar aca. A' bruidhinn 's e ann an Uibhist thuirt Mgr Moore gun robh an MoD ag aithneachadh cho cudromach 's a tha a' chùis.

Cion-cosnaidh

Bha mìle duine nas lugha às aonais cosnaidh ann an Alba anns a' chairteal mu dheireadh. Tha an ìre a tha gun obair a-nis aig beagan a bharrachd air 7%. Thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte cuideachd gu faisg air 8%. Sin 2.51 millean duine.

Sòn an Euro

Thàinig fàs anns an dà eaconamaidh as motha ann an Sòn an Euro. Dh'èirich eaconamaidh na Gearmaillt 0.7% eadar an Giblean agus an t-Ògmhios. Thàinig àrdachadh de 0.5% ann an eaconamaidh na Frainge, a bha a' crìonadh.

BP

Tha BP a' toirt Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte gu cùirt ann an oidhirp airgead-dìolaidh fhaighinn, leis gu bheil iad air an casg bho bhith a' faighinn chùmhnantan feadaralach ùra, an dèidh tubaist Deepwater Horizon ann an Camas Mheagsago ann an 2010. Thuirt a' chompanaidh ola gum faodadh an casg fìor dhroch bhuaidh a thoirt orra mur a tèid a thogail.