Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Èipheit

Thuirt ùghdarrasan anns an Èipheit gun deach còrr is 460 duine a mharbhadh anns an fhòirneart anns an dùthaich an-dè. Chaill faisg air 200 am beatha aig dà champa a chuir luchd-taic a' Chinn-suidhe Mohammed Morsi air dòigh sa phrìomh bhaile air a' mhìos a chaidh. Chaidh còrr is 220 duine a mharbhadh taobh a-muigh Cairo. Chuirear casg air daoine bho a bhith air sràidean a' bhaile tron oidhche.

Cille Chuimein

Dh'iarr a' bhuidheann chloinne Children First gun deadh rannsachadh poblach neo-eisimeileach a dhèanamh mu chasaidean de dhroch-dhìol agus ionnsaighean drabasta aig Sgoil Abaid Chille Chuimein a tha a-nis dùinte. An-dè, dh'fhàg seann cheannard na sgoile a dhreuchd ann an Oilthigh Oxford. Thathas a' cur às leth Mhgr Francis Davidson gun do dh'fhalaich e na bha a' dol air adhart aig an sgoil Chaitligich.

Sluagh nan Eilean

Dh'èirich àireamh-sluaigh eileanan na h-Alba 4% anns a' chumantas anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh. Bha an t-àrdachadh as motha ann an Arcaibh, far an robh còrr is 2,000 duine a bharrachd a' fuireach ann an 2011 an taca ri 2001. Sin àrdachadh de 11%. Ann an Leòdhas is na Hearadh dh'èirich an àireamh 5.5% gu 21,031. Thàinig lùghdachadh ann an cuibhreann mòr de na h-Eileanan ge-tà, leithid Eilein Bhòid, Arain agus Ìle.

NATO

Thàinig e am follais gun robh còmhraidhean aig Riaghaltas le NATO a dheasbad àite na h-Alba sa buidhinn nam biodh i neo-eisimeileach. Thathas a' tuigsinn gun robh oifigearan an Riaghaltais a' cur air adhart argamaid aig a' choinneimh ann am prìomh oifis NATO sa Bhruiseill air a' mhìos a chaidh, nach fheumadh Alba tòiseachadh bhon fhìor-thoiseach nan oidhirp ballrachd fhaighinn.

Stòras nan Sgìrean Bochda

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach tuilleadh airgid a chur ri stòras a bhios a' cuideachadh choimhearsnachdan a th' air am meas bochd air Ghàidhealtachd. Bidh £440,000 ann an Stòras nan Sgìrean Bochda a-nis. Bidh an stòras ri fhaotainn airson barrachd àiteachan na bha, agus tha a-nis cothrom aig àiteachan leithid Inbhir Theòrsa, ceann a-staigh Ghallaibh, Inbhir Pheofharain, an t-Eilean Sgitheanach agus Dail an Eich agus an Ràthaig Mhòr ann an Inbhir Nis cuibhreann den airgead fhaighinn.