Soilleireachadh ga iarraidh mu Raon nan Rocaidean
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gun dèan gach taobh ann an deasbad na neo-eisimeileachd soilleir dè thachradh do Raon Rocaidean Uibhist às dèidh an referendum an ath-bhliadhna.
Bha e a' bruidhinn agus cathraiche Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach, Ian MacDhàibhidh, a ràdh gum biodh e coltach gun tigeadh air an MoD an t-ionad a dhùnadh nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd.
Tha an SNP air a ràdh nach robh Mgr MacDhàibhidh ach a' brosnachadh eagail am measg dhaoine, 's iad ag ràdh gum biodh goireasan dìon àbhaisteach ann an Alba nas sàbhailte às dèidh neo-eisimeileachd.
Tha Mgr Caimbeul ag iarraidh air an dà chuid Riaghaltas na h-Alba, agus Riaghaltas Westminster, an seasamh air raon nan rocaidean a shoilleireachadh.