Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Màl-dubh

Tha Poilis ann am Fìobha a' rannsachadh chasaidean gun deach màl-dubh air an eadar-lìon a dhèanamh air deugaire a chuir làmh na bheatha fhèin. Thathas a' tuigsinn gun robh Daniel Perry, 17, à Dùn Phàrlainn, den bheachd gun robh e a' conaltradh le nighean an aon aois ris, ach gun deach innse dha gun deadh dealbhan a chur e thuice a chur air an eadar-lìon mur a pàigheadh e suim-airgid.

An Èipheit

Tha dùil aig na h-ùghdarrasan anns an Èipheit ri iomairtean mòra ann an Cairo an-diugh, le luchd-taic an t-seann Chinn-suidhe Mohammed Morsi. Dh'iarr am Bràithreachas Muslamach gun deadh "Là Feirge" a chumail mar fhreagairt air mar a bhàsaich còrr is 600 duine nuair a ghluais na feachdan tèarainnteachd daoine a-mach à dà champa anns a' phrìomh bhaile Diciadain.

Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann

Dh'fhosgail a' chiad bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann. Às dèidh 25 bliadhna de dh'aonad Gàidhlig aig Bun-sgoil Chrois na Cìse, tha sgoil Ghàidhlig fa-leth a-nis anns a' phrìomh bhaile. Bha pìobaire aig an sgoil anns a' mhadainn airson fàilte a chur air na sgoilearan.

Cille Chuimein

Thuirt Coimiseanair na Cloinne ann an Alba gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith air a chumail mu chasaidean ionnsaighean drabasta aig seann sgoil Abaid Chille Chuimein air Ghàidhealtachd. Chaidh cur às leth an treas mhanaich Astràilianaich gun robh esan a' toirt ionnsaighean drabasta air sgoilearan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e an urra ris na Poilis agus an Eaglais Chaitligich na casaidean a rannsachadh.

Urology

Tha gainnead dhotairean urology ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a' cur maill air cùram euslainteach air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Dh'iarr Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air euslaintich an leisgeul a ghabhail. Tha am Bòrd a' crochadh air NHS na Gàidhealtachd airson an t-seirbheis a thoirt seachad. Ghabh NHS na Gàidhealtachd gun robh duilgheadasan air a bhith ann, ach gun robh iad air àrd-dhotair eile fhastadh. Dh'aidich iad ge-tà, nach bi an neach sin anns an dreuchd gu an t-Samhain.

Foill Àrachais

Thug luchd-rannsachaidh rabhadh mu fhoill àrachais far a bheil eucoirich a' priobadh solais nan càraichean aca mar chomharra gu bheil iad a' leigeil le càraichean eile a thighinn a-mach à ceann-rathaid airson gum buail iad annta an uair sin a dh'aona-ghnothach. 'S e "Flash for Cash" a thathas a' gabhail air na tachartasan seo, agus bithear gu sònraichte ag amas air dràibhearan sean, agus boireannaich le cloinn, seach gu bheil e nas coltaiche gum bi poileasaidhean àrachais aca, agus seach gu bheil e nas fhasa eagal a chur orra aig oir an rathaid.