Sgeama dìon tuiltean ga thòiseachadh

Abhainn Nis
Image caption Tha dùil gum bi an obair deiseil as t-Earrach 2015.

Tòisichidh obair air sgeama gus baile Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean Dimàirt.

Fhuair a' chompanaidh Morgan Sindall an cùmhnant luach £8.5m.

Tòisichidh an dàrna earrann às deidh na Bliadhna Ùire agus thathas an dùil gum bi an obair gu lèir deiseil as t-Earrach ann an 2015.

Thèid ballachan a chur air bruthaichean na h-aibhne eadar Drochaid nam Manach agus Drochaid Nis, a tha an teis-mheadhan Inbhir Nis.

Gu lèir, thathas an dòchas còrr agus 800 dachaigh a dhìon, agus 200 togalach eile.

Bidh a' chompanaidh Morgan Sindall ag obair air a' phròiseact thar na bliadhna gu leth ri tighinn.

Tha dragh air nochdadh am measg gu leòr mun bhuaidh a bheir seo air gnìomhachasan agus grunn rathaidean gu bhith dùinte fhad 's a bhios an obair a' dol air adhart.

Ach, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid a h-uile oidhirp a ghabhail gus am bi a' bhuaidh cho ìosal 's a ghabhas, agus gun tèid cuid de na rathaidean fhosgladh tro na mìosan as trainge.