Adhaircean mòra no beaga?
- Air fhoillseachadh

Bha an luchd-rannsachaidh a' coimhead ri rùide Hiort
Dè as fheàrr a bhith aig rùda - adhaircean mòra no adhaircean beaga?
Tha beachd aig luchd-rannsachaidh à Dùn Èideann agus Sheffield.
Bha an luchd-rannsachaidh a' coimhead ri rùide fhiadhaich ann an Hiort thairis air 20 bliadhna.
Sheall iad gu sònraichte ris na h-adhaircean aca, agus fhuair iad a-mach gun robh feadhainn le adhaircean mòra na bu shoirbheachaile leis na caoraich, ach gun robh rùide le adhaircean beaga no meadhanach mòr beò na b' fhaide.
Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aca ag innse dhuinn carson tha adhaircean beaga fhathast aig cuid de rùide.
Nuair a thig e gu caoraich, arsa an luchd-rannsachaidh, beiridh rùide nan adhaircean beaga air rùide nan adhaircean mòra aig a' cheann thall.