Gearainean mu Vodafone
- Air fhoillseachadh
Chuir Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar litir gu Ofgem is gearainean air nochdadh mun t-seirbheis aca anns an sgìre.
Chaidh aithris nach eil seirbheis sheasmhach air a bhith ann an Steòrnabhagh airson seachdain.
Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gu bheil thìde ann cuideam a chur orra.
Bha tè-labhairt bho Vodafone ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall seirbheis cheart a thilleadh dhan sgìre, ach gu bheil fìor dhuilgheadas aca leis an t-siognal.
Thuirt i cuideachd nach eil seirbheis ga gealltainn fad na h-ùine ann an àite sam bith agus gu bheil sin air a mhìneachadh ann an cùmhnantan dhaoine.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh