NHS na Gàidhealtachd duilich
- Air fhoillseachadh
Tha NHS na Gàidhealtachd air cantainn gu bheil iad duilich nach tug iad cùram ceart do dh'euslainteach le dementia.
Chaidh an duine, nach deach ainmeachadh, a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis anns an Fhaoilleach 2012 an dèidh do chuairt a thighinn air.
Ghabh buidheann fhaire ri gearain a rinn a bhean nach d'fhuair an duine cùram no leigheas a bha freagarrach.
Tha Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba air grunnan mholaidhean a dhèanamh.
Thuirt bean an duine nach deach tomhas ceart a dhèanamh air a' chùram a bhiodh a dhìth air mus do dh'fhàg e an t-ospadal.
Chaidh co-dhùnadh gun robh i ceart.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad a' gabhail ris na molaidhean a fhuair iad agus gun robh iad airson cantainn gu bheil iad duilich airson mar a dh'fhàilig iad an duine.