Theab tubaist adhair a bhith os cionn an A9

  • Air fhoillseachadh

Theab plèana Tornado bhon RAF à Inbhir Lòsaidh bualadh ann an heileacoptair os cionn an A9, a rèir aithisg ùir.

Chan fhaca am pìleat an heileacoptair leis gun robh uinneagan àite-stiùiridh a' phlèana cho salach.

Thachair seo sa Chèitean am bliadhna.

Chaidh a chlàradh mar shuidheachdh "fìor chunnartach".

Druim Uachair

Bha an Tornado à Inbhir Lòsaidh a' siubhail aig còrr air 400 mìle san uair agus a sgèith ìosail - 440 troigh os cionn Loch Garadh faisg air an A9 aig Druim Uachair.

Bha an heileacoptair, anns an robh ceathrar air bòrd, a' siubhail aig an aon àirde.

Thuirt pìleat an heileacoptair gun tàinig am plèana bhon cùlaibh gu math sgiobalta agus nach b'urrainn dha càil a dhèanamh 'son faighinn a-mach às an rathad.

Cunnart Mòr

Bha e ag ràdh gun robh cunnart mòr ann gum bualadh iad na chèile.

Thuirt aithisg na dlùthachd adhair gun robh an Tornado 150 troigh air falbh bhon heileacoptair.

Bha salachair air uinneag-toisich an tornado a' ciallachadh nach fhaca pìleat a' phlèana an heileacoptair.

Ri linn sin, dh'iarr an RAF air sgioba a' phlèana ath-sgrùdadh a dhèanamh air na modhanan glanaidh aca.

Chunnaic dràibhear carbaid a bha dìreach 200 slat air falbh an tachartas.

Chlàr Bòrd na Dlùthachd Adhair an tachartas aig ìre A - an ìre as cunnartaiche, far am faodadh grunn dhaoine a bhith air am marbhadh.