Croitean coille air fàire an Ratharsair?
- Air fhoillseachadh

Tha Com-pàirteachas Leasachaidh Ratharsair ag iarraidh faisg air 300 heactair de choille anns an eilean a cheannach bho Choimisean na Coilltearachd.
Bhiodh an Com-pàirteachas a' coimhead ri croitean coille a stèidheachadh.
Tha beachdan mhuinntir an àite a-nis gan sireadh mun tagradh, mar phàirt de cho-chomhairleachadh air na planaichean a mhaireas 28 là.
Tha dragh ge-tà, mun phrìs a chaidh a chur air a' choille, 's gu bheil i sin ro mhòr don chom-pàirteachas.
"Fhuair sinn fios an toiseach gun robh Coimisean na Coilltearachd ag iarraidh a' choille ann an Ratharsair a reic, agus bha an cothrom aig a' choimhearsnachd a ceannach an toiseach, mus biodh i air a' mhargaidh fhosgailte," thuirt John Willie MacIlliosa bhon Chom-pàirteachas.
"Chan eil fhios aig daoine cinnteach fhathast dè dhèanadh sinn leatha, ach tha bruidhinn air rudan mar croitean coilltearachd, rudan ùra a tha sin ceart gu leòr ann an croitearachd, ach tha sinn air a bhith a' bruidhinn air rudan mar sin.
"Agus a bhith a' dèanamh rudan anns a' choille. Tha pìos den choille na seasamh fhathast, agus tha coille mhath ann cuideachd.
"Ach dìreach a' coimhead dè dhèanadh sinn leis a' choille.
"Tha dòrlach an-dràsta a' cur feum air a' choille airson fiodh-connaidh a thoirt aiste dhan taigh.
"Fhuair sinn fios bhon fhear-mheasaidh sgìreil - 's dòcha nach biodh e ceart dhomhsa an-dràsta a ràdh dè a' phrìs a chuir e oirre - ach an aon rud a chanainn, ann am beachd a' mhòr-chuid den fheadhainn a tha co-cheangailte ris, gu bheil a' phrìs fada ro àrd.
"Agus tha sin na chnap-starra co-dhiù anns a' chiad dol-a-mach.
"Ach tha sinn, thairis air a' mhìos a tha romhainn, a' dol a choimhead air seo, 's dòcha nam biodh sinn a' bruidhinn ri Coimisean na Coilltearachd fhèin, nach biodh iadsan ag iarraidh na tha sin de dh'airgead oirre, ma tha iad ag iarraidh faighinn cuidhteas dhi.
"Tha e cosgail dhaibhsan a bhith a' cumail na coille ann an seo.
"Gheibheadh sinn taic-airgid ceart gu leòr, ach bhiodh e math na dhèidh sin, nam faigheadh sinn a' choille air prìs nas lugha na a' phrìs a chaidh a chur oirre," thuirt e.