Mapa foghlaim Ghàidhlig ùr
- Air fhoillseachadh

Gheibh pàrantan air Ghàidhealtachd fiosrachadh mu càite a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn san sgìre air mapa ùr air-loidhne.
'S iad Comhairle na Gàidhealtachd a chuir an goireas ùr air dòigh.
Tha am mapa a' sealltainn far a bheil a h-uile sgoil, aonad sgoile, agus sgoil-àraich air Ghàidhealtachd a tha a' toirt seachad foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, co-dhiù an e a' Chomhairle no buidheann eile a tha gan ruith.
Tha e cuideachd a' nochdadh far a bheil foghlam aig ìre àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig ga thoirt seachad.
Tha àireamhan nan sgoilearan a th' aig na h-ionadan cuideachd gan taisbeanadh.
A thuilleadh iar sin tha fiosrachadh air mar a gheibh daoine a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh taobh a-muigh foghlam 3-18, cothrom air cùrsaichean agus oidean, agus tachartasan co-cheangailte ris a' Ghàidhlig anns a' choimhearsnachd.