Staing a' Ghearasdain

  • Air fhoillseachadh
IomainTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha An Gearasdan tric air nochdadh ann an cuairt deireannach Chupa na Camanachd anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh, ach tha iad a-nise ann an staing aig bonn na lìge.

'S e là nan dearbaidhean a th' ann am Prìomh Lìog na h-iomain Disathairne, is bidh aire mhòran air Drochaid an Aonachain far am bi Loch Abar a' cur fàilte air an nàbaidhean bhon Ghearasdan.

Tha cruaidh fheum aig sgioba a' Gearasdain air an dà phuing an seo is iad ann am fìor staing san dàrna àite bhon bhonn san lìog.

Bha dùil gum biodh seusan car measgaichte aig a' chluba is am manaidsearan Victor Mac a' Ghobhainn is Àdhamh Robasdan a' toirt ùrachaidh air an sgioba.

'S iad An Gearasdan an sgioba as soirbheachaile san spòrs san deich bliadhna a chaidh, is iad a' buannachadh Cupa na Camanachd còig tursan eadar 2005 is 2010.

Tha cuid mhath de na laoich bhon linn sin a-nise air sguir a chluich, is thathas ag ionndrainn an eòlais, a rèir fhir de luchd-taic a' Ghearasdain, Calum Mac a' Ghobhainn.

Balaich

"Mar a bha na sgiobaidhean anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bha iad a' tighinn gu aois aig an aon àm agus tha sin gar fàgail far a bheil sinn a-nise, a' cluich balaich òga.

"Chan eil iad a' dèanamh dona ach chan eil iad a' gabhail nan geamanan. Tha iad math ach tha iad òg agus tha iad ag iarraidh tìde a bhith a' cluich còmhla ri chèile," thuirt e.

Tha fear de ghaisgich a' chluba, Gary Innes, am measg na tha air a ràdh gur dòcha gun dèanadh e feum dha na balaich òga a dhol sìos ìre son treis fhad 's a thogas An Gearasdan sgioba ùr.

Tha Calum a' gabhail ri sin - ach tha e dòchasach gu bheil cothom ann fhathast gum fuirich an cluba aig an ìre as àirde.

"Chan eil sinn a' dol a dh'fhàgail chùisean mar a tha iad idir, ach 's e an rud a dh'fheumas sinn a h-uile geama a ghabhail, agus ged a dhèanadh sinn sin, feumaidh feadhainn eile de na sgiobaidhean geamanan a chall," thuirt e.

Sunnd

Cha bhi e furasta dhaibh ann an Drochaid an Aonachain agus Loch Abar ann an sunnd air leth an-dràsta.

Bha iad fhèin ann an staing bho chionn beagan sheachdainnean - ach chaidh iad an uair sin seachd geamaichean gun chall gus leum suas an lìog.

Thàinig an sreath sin gu ceann an t-seachdain seo chaidh ach tha fios gun còrdadh e ri Loch Abar buille eile a thoirt dhan Ghearasdan.

Anns na geamaichean eile a-màireach bidh Caol Bhòid an aghaidh Inbhir Aora is an dà sgioba feumach air puingean son dèanamh cinnteach gum fuirich iad sa Phrìomh Lìog.

Tha sgioba Thaigh na Bruaich air Inbhir Aora a chur a-mach às a h-uile cupa am bliadhna ann an geamaichean glè fhaisg, is bidh balaich Loch Fìne ag amas air beagan dìoghaltais an seo.

Beò

Ann am Baideanach bidh Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh - geama a bhios beò air BBC Alba bho 4:00f.

Bidh Am Bail' Ùr ag amas air briseadh-dùil Chupa MhicAmhlaidh a chùr air an cùlaibh is bheireadh dà phuing an seo ceum nas fhaisge iad gu tiotal na Prìomh Lìge.

Sa gheama eile tha Camanachd an Òbain aig an taigh an aghaidh Lòbhait.

Thuirt manaidsear an Òbain, Gussie Caimbeul, gu bheil iad a-nise air gabhail ris gun tèid iad sìos, agus thèid sin a dhearbhadh gu h-oifigeil ma thèid gnothaichean nan aghaidh Disathairne.

Ann an Lìog Tuath 3 chaidh an geama mu dheireadh aig na Leòdhasaich aig an taigh air an t-seusan seo a chur dheth, is e air fàilligeadh air Loch Bhraoin làn sgioba a chur ri chèile.

Fàgaidh sin gu bheil cothrom aig Leòdhas leum suas an lìog le dà phuing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh Inbhir Nis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh