Dotair teaghlaich dhan Chomraich

Tha muinntir na Comraich ag ràdh gur e faochadh mòr a th' ann dhaibh gun deach dotair-teaghlaich fhastadh airson na sgìre.

Tha iad air a bhith as aonais dotair stèidhichte bho thoiseach na bliadhna.

Cha do dh' innis NHS na Gàidhealtachd fhathast cò i agus cuin a thòisicheas i san dreuchd.