Cearbain

Thèid tagaichean saideil a cheangal ri 27 cearbain a th' anns a' mhuir timcheall air Colla agus Tioradh gus am faic luchd-saidheans càit am bi iad a' dol.

Seo an dàrna bliadhna den phròiseict.

Tha luchd-saidheans bho Dhualchas Nàdair na h-Alba agus Oilthigh Exeter ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de na cearbain a tha iad air a bhith a' sgrùdadh a' fuireach anns na h-eileanan a-staigh.

Ràinig aonan na h-Eileanan Siar, ach thill e, agus thog dhà orra gu costa a tuath na h-Èireann.

Cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba am fiosrachadh is iad a' beachdachadh a bheil feum air Sgìre Dìon Mara airson chearban.