Dragh is iongnadh an Àird nam Murchan

Cille Chòmhghain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thèid sanasan a chur a-mach airson nan obraichean a-rithist.

Thuirt ceannardan coimhearsnachd ann an Àird nam Murchan gun do chuir e iongnadh agus dragh orra nach d'fhuair NHS na Gàidhealtachd aon dotair teaghlaich airson Ionad Dotaireachd Thaobh an Iar Loch Abair.

Chuir Bòrd na Slàinte sanasan a-mach airson seachd dreuchdan.

'S e dotairean pàirt-ùine as motha a tha a' frithealadh an àite an-dràsta.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gun cuir iad sanasan ùra a-mach ri linn 's nach do shoirbhich leis a' chiad shreath de shanasan.

Tha iad an dòchas sgioba de dhotairean teaghlaich fhaighinn a bhios ag obair a-mach à Malaig agus Àth Tharracail.

Tha daoine anns an sgìre air a bhith ag iomairt airson grunnan bhliadhnaichean is iad a' feuchainn ri seirbheis nas fheàrr fhaighinn.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach do sheall cus dhaoine ùidh anns a' chiad shreath de shanasan, ach gu bheil iad an dòchas gun nochd barrachd thagraichean an turas seo.

Feumaidh tagraichean cur a-steach airson nan obraichean ro mheadhan an t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile