Sgoth Niseach, an Sùlaire
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Sùlaire fhathast fo sheòl

23 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha tèid Urras an t-Sùlaire, a' bhuidheann charthannais leis a bheil an Sgoth Niseach a-mach à bith.

Bha eagal ann gun deadh an t-Urras ma sgaoil, oir ged nach eil ionmhais air a bhith na thrioblaid, 's e gle bheag de dhaoine a bha a' tighinn air adhart airson obair na buidhne a dhèanamh.

Chaidh coinneamh èigineach a chumail ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain airson staing an Urrais a dheasbad, agus mar a tha Ruairidh Rothach ag aithris, chaidh aca air dòigh a lorg airson a chumail air bhog.