Tagradh mu thaighean air croit am Baile a' Chaolais a Tuath

Chaidh tagradh gu Cùirt an Fhearainn mu choinneimh moladh gus deich taighean ùra a thogail air croit ann am Baile a' Chaolais a Tuath.

Dhiùlt Coimisein na Croitearachd cead airson an talamh a thoirt a-mach à croitearachd, ach tha an fheadhainn leis a bheil a' chroit a-nis a' cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin anns a' chùirt.

Fhuair Dòmhnall agus Ealasaid MacIlleBhrath cead-dealbhachaidh airson nan taighean an dèidh dhaibh tagradh a chur gu Riaghaltas na h-Alba.

Ach cha deach cead a thoirt dhaibh am fearann a dhì-chroitearachd.

Seann Achd

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad chaidh Coimisean nan Croitearan (mar a bh' orra aig an àm) a chàineadh gu dubh airson cead a thoirt do dhaoine grunn thaighean a thogail air talamh math croite.

Thàinig Achd Pàrlamaideach ùr a-steach ann an 2010, a thug atharrachadh air croitearachd, agus dùil gun robh sin air an trioblaid sin a rèiteach.

'S e seo a' chiad thagradh de a sheòrsa bho thàinig an Achd ùr a-steach, agus cho-dhùin Coimisean na Croitearachd, fon Achd ùr, nach fhaodar am fearann a thoirt a-mach a croitearachd.

Tha na Brathaich ag ràdh gun deach an t-iarrtas dì-chroitearachd a chur a-steach fon t-seann Achd, ach chan eil an Coimisean idir ag aontachadh riutha.

Nan deadh dearbhadh gur ann fon t-seann Achd a bha an t-iarrtas, bhiodh e gu math duilich dhan Choimisean a dhiùltadh.

Chuir Caidreachas na Croitearachd an aghaidh nan taighean ùra, le aithisg dhomhainn a' mìneachadh nan adhbharan aca.

Thuirt iad nach robh na Brathaich air a bhith a' fuireach sa bhaile, agus gu bheil ùidh aig croitearan òga san sgìre am fearann a chleachdadh.