Fear sa chùirt mu ghairm fòn
- Air fhoillseachadh
Thugar duine an grèim co-cheangailte ri tachartas aig Ospadal a Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis far an deach euslaintich a thoirt a-mach à trì uàrdan.
Chuir luchd-obrach fios air na poilis Disathairne 's iad amharasach an dèidh neach fònadh thuca.
Cha deach duine a ghoirteachadh, agus fhuair euslaintich agus luchd-obrach air ais dha na uàrdan an dèidh greis.
Nochdaidh am fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.