Duais do dh'ùghdar às an Òban
- Air fhoillseachadh

Thuirt na britheamhan gur e leabhar air leth a th' anns The Deadman's Pedal.
Bhuannaich sgrìobhadair às an Òban, Alan Warner, Duais Cuimhneachaidh James Tait Black airson ficsean.
Gheibh Maighstir Warner duais de £10,000 airson The Deadman's Pedal.
Tha Ailean Warner na sgrìobhadair aig Oilthigh Dhùn Èideann.
'S e Morvern Callar, a thàinig a-mach ann an 1995, an leabhar as ainmeile aig Alan Warner.
Chaidh fiolm a dhèanamh dheth leis a' bhana-chleasaiche Samantha Morton.
Thuirt am britheamh ficsein Lee Spinks gur e nobhail anabarrach math a th' anns The Deadman's Pedal.