Duaisean Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a' cur sreath de dhuaisean ùr air dòigh airson na Gàidhlig, is iad air a dhol ann an compàirteachas le Media Scotland, a' bhuidheann fhoillseachaidh as motha an Alba.

Aig cuirm ann an t-Samhain gheibh daoine duaisean ann an rudan mar na h-ealain, spòrs agus foghlam.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: "Le bhith cur air bhonn Duaisean Gàidhlig na h-Alba, tha sinn a' stèidheachadh iomairt a bheir misneachd do dhaoine agus a bheir aithne phoblach dhan obair chruaidh, an dìcheall agus an dealas a chì sinn bho na daoine a tha an sàs ann a bhith leasachadh agus a' gleidheadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann an Alba ach air feadh an t-saoghail."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile