Buille eile dhan Ghearasdan

Caman
Image caption Tha An Gearasdan a-nise ann an staing nas miosa aig bonn na lìge.

Tha An Gearasdan ceum nas fhaisge air an àite aca sa Phrìomh Lìog a chall às dèidh call 2-1 ri Loch Abar ann an Drochaid an Aonachain aig an deireadh-sheachdain.

Chuir Caoimhin Fearghasdan Loch Abar air thoiseach trath sa gheama ach bha An Gearasdan co-ionnan aig leth-ùine le tadhal bho Dhonnchadh Rodger.

Thàinig an tadhal cudromach le deich mionaidean ri dhol, Scott MacPheadrais leis gus an geama a ghlèidheadh 2-1 do Loch Abar.

Tha An Gearasdan fhathast san darna àite bhon bhonn agus dìreach ceithir geamaichean air fhàgail aca a-nise - agus a dhà dhuibh sin an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Togail

B'e seo an geama mu dheireadh aca aig Loch Abar is bidh iadsan air an dòigh leis mar a chluich iad san darna leth den t-seusan, gan togail fhèin bho bhonn na lìge suas dhan treas àte.

Tha Caol Bhòid air dà chupa a thogail mar thà am bliadhna is sùil aca fhathast air Cupa na Camanachd fhèin, ach chan eil iad fhathast cinnteach air fuireach sa Phrìomh Lìog.

Chaill iad 2-1 ann an Taigh na Bruaich an aghaidh nan nàbaidhean aca Inbhir Aora Disathairne, a dh'aindeoin gun deach iad air thoiseach trath sa gheama bho Thòmas Whyte.

Thill Inbhir Aora air ais san darna leth le tadhail bho Garry Mac a' Phearsain is Lewis MacNeacail agus beagan dìoghaltais dhaibhsan às dèidh call ri Caol Bhòid anns na farpaisean cupa air fad am bliadhna.

Tha sin a' fàgail Caol Bhòid fhathast feumach air geama no dhà eile a bhuannachadh san lìog.

Pronnadh

Thug an sgioba a bhios nan aghaidh sa chuairt dheireanaich de Chupa na Camanachd, Bail' Ùr an t-Slèibh, ceum nas fhaisge air an lìog fhèin a bhuannachadh a-rithist nuair a thug iad pronnadh air Ceann a' Ghiuthsaich 6-1.

Bha Ceann a' Ghiuthsaich as aonais chuid de na cluicheadaran as fheàrr aca is bha an geama seachad às dèidh dìreach leth uair a thìde, nuair a bha am Bail' Ùr air thoiseach 4-0.

Rinn Ceann a' Ghiuthsaich beagan nas fheàrr às dèidh sin ach bha na nàbaidhean aca dìreach ro mhath, is chan eil a dhìth orra a-nise ach ceithir puingean bho na còig geamaichean a tha air fhàgail aca gus an tiotal a ghlèidheadh.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Lòbhat a' chùis air Camanachd an Òbain 4-1, is sgioba an Òbain a-nise cha mhòr cinnteach air a dhol sìos dhan lìog ùr nàiseanta fon Phrìomh Lìog an ath-sheusan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile