Cumhachdan gan sgaoileadh air Ghàidhealtachd

Thuirt Ceannard Comataidh Sgìre Loch Abair a chaidh a stèidheachadh às ùr, gu bheil e air a dhòigh gu bheil cumhachdan air cuid de nithean a' tilleadh dhan sgìre.

Chaidh an Comh. Tòmas Mac'Illinnein a thaghadh son a bhith os cionn na comataidh aig a' chiad choinneimh den bhuidhinn Diluain.

Tha seo mar phàirt de dheuchainn a mhaireas bliadhna, far a bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' cur structairean nas ionadaile an sàs.

Gluais an t-ùghdarras a bh' ann roimhe tòrr de na cumhachdan chun a' mheadhain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile