Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thàinig an teachdaireachd às làidire fhathast gu bheil Aimeireaga deònach armachd a chur an sàs ann an Siria. Thuirt an Taigh Geal an-raoir, nach eil teagamh sam bith ann nach do chleachd feachdan an riaghaltais ann an Siria armachd cheimigeach faisg air Damascus an t-seachdain seo chaidh. Tha dùil ri co-dhùnadh an ceann là no dhà bhon Cheann-suidhe Obama, mun ath-cheum a ghabhas na Stàitean Aonaichte.

Agus tha Dàibhidh Camshron air tilleadh gu Sràid Dhowning a bheachdachadh air an tèid a' Phàrlamaid a ghairm air ais airson bruidhinn air an t-suidheachadh ann an Siria. Tha buill bho gach pàrtaidh air a bhith ag ràdh gum feum iad cothrom fhaighinn air a' chùis a dheasbad mus cuireadh Breatainn taic ri ionnsaigh armaichte.

Bileag-bhòtaidh an Referendum

Tha a h-uile coltas ann nach bi Gàidhlig air pàipearan-bhòtaidh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Cho-dhùin Comataidh Bile an Referendum gur e Beurla an aon chànan a bhios air na pàipearan, oir gun cum sin nas "simplidhe agus nas solleire" e. Thuirt iad gum biodh eadar-theangachadh sa Ghàidhlig ann do dh'fheadhainn a bhiodh ga iarraidh. Bhòtaidh a' Phàrlamaid air Bile an Referendum air an ath-mhìos.

Tubaist an Heileacoptair

Chaidh corp an ceathramh duine a chaidh a mharbhadh anns an tubaist heileacoptair far Shealtainn Dihaoine a thilleadh a dh'Obar Dheathain an-diugh. Chaidh na trì cuirp eile a chur gu Tìr Mòr an-dè. Tha luchd-rannsachaidh fhathast a' coimhead airson bocsa-claraidh an heileacoptair Super Puma. Tha a' chompanaidh-ola Total air ceithir bàtaichean fhastadh an-dràsta airson luchd-obrach a chur air ais is air adhart bho na clàran-ola aca sa Chuan a Tuath.

Cosnaidhean Bann-leathainn

Tha BT a' stèidheachadh 150 obair einnsinìridh ùr an Alba mu choinneimh leudachadh air seirbheis a' bhann-leathainn. Fhuair BT cùmhnantan airson "fibre broadband" a chur ann an dachannan agus gnìomhachasan air feadh Alba, le mòran dhiubh sin air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Bidh mu 90 de na h-obraichean ùra stèidhichte eadar Inbhir Nis, an Gearasdan agus an t-Òban.

Bàs ri linn Drogaichean

Bha àireamh beagan nas lugha de bhàs le mì-fheum air drogaichean ann an Alba an-uiridh na bh' ann a' bhòn-uiridh. Ach 's e am figear de 581 an dàrna àireamh as motha riamh, agus e a leth-uidhir a-rithist nas motha na bha e bho chionn deich bliadhna.