150 cosnadh aig BT
- Air fhoillseachadh

Cruthaichidh BT 150 dreuchd innleadaireachd an Alba is iad a' cur bann-leathainn luath an sàs.
Thuirt a' chompanaidh gum bi 90 de na cosnaidhean air a' Ghàidhealtachd, leis a' chòrr an Dùn Dè, Obar Dheathain, meadhan agus ceann a deas na h-Alba.
Bidh dreuchdan na Gàidhealtachd an Inbhir Nis, anns a' Ghearasdan agus anns an Òban.
Choisinn BT cùmhnantan gus ceanglaichean a stèidheachadh air feadh na dùthcha.
Tha BT den bheachd gum bi cothrom aig 85% de dhaoine air bann-leathainn luath ro 2015 agus gum faigh 95% e ro 2017.
Chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon fàilte air an naidheachd mu na h-obraichean.
Bha i ag ràdh cuideachd gun toir am bann-leathainn luath cothrom do choimhearsnachdan an eaconomaidh a leasachadh anns an àm ri teachd.