Tubaist air an A9 ann an Cataibh

Bha tubaist-rathaid air an A9 ann an Cataibh eadar Brùra agus Bun Illidh mu 11:30m Dimàirt.

Is coltach gun robh dà mhotar-baidhsgeagal agus an dithis a bh' orra san tubaist.

Tha an rathad dùinte gach taobh beagan deas air Bun Illidh agus tha poilis ag ràdh gum bi maill air trafaig agus gum bu chòir do dhràibhearan an sgìre sin a sheachnadh.

Chan eil aithris ann aig an ìre seo air suidheachadh an dithis a bha san tubaist.