Strì a' phàipeir-bhaileat a' leantainn
- Air fhoillseachadh
Tha Ceann-suidhe a' Chomuinn Gàidhealaich a' gealltainn cumail air a' strì 'son gum bi ceist an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba sgrìobhte sa Ghàidhlig cuide ris a' Bheurla.
Coinnichidh Iain MacLeòid ri Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba mun chùis air an ath-mhìos.
Cho-dhùin Comataidh an Referendum Dimàirt nach biodh a' cheist sa Ghàidhlig.
Bidh eadar-theangachadh ri fhaotainn do dhuine sam bith a dh'iarras e.
Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gum faodadh gum biodh e na b'fheàrr a' Ghàidhlig a chumail bhon phàipear-bhaileit air eagal 's gun cuir e bacadh air daoine bho a bhith a' freagairt na ceiste.
Thuirt Iain Aonghas MacAoidh nach eil e airson gum bi daoine a' coireachadh na Gàidhlig ma thèid a' chùis taobh seach taobh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An Lùnastal 2013