Argamaidean an Referendum gan cur air adhart

  • Air fhoillseachadh

Cuiridh gach taobh air ceist neo-eisimeileachd na h-Alba na h-argamaidean aca air adhart Diciadain.

Canaidh Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu bheil na Nàiseantaich deònach "rud sam bith a ràdh, neo a' dhèanamh" air nithean cudromach leithid chùisean cèin, an eaconamaidh agus dìon.

Ach canaidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gu bheil an t-Aonadh a' cur bacadh air Alba.

Tha Mìcheal Moore ag ràdh gur e an t-eagal gun diùlt Albannaich cothrom na neo-eisimeileachd a tha a' stiùireadh an SNP.

Aig òraid ann an Glaschu, canaidh e au bheil na Nàiseantaich a dh'aona-ghnothach a' seachnadh na fìrinne mu a bhith a' toirt an Aonaidh gu crìch airson ìomhaigh neo-eisimeileachd a dhèanamh nas fheàrr.

Bidh e ag ràdh gu bheil iad a' lùghdachadh nan cunnartan a dh'fhaodadh a bhith ann mu airgead, NATO agus an Roinn Eòrpa.

Aig a' cheart àm, bidh am Prìomh Mhinistear ag ràdh gur e cothrom a bhios ann a bhith a' gluasad air falbh bhon Aonadh is e ann an Ceann Loch Chille Chiarain airson coinneamh den Chaibineat.

Mìnichidh Mgr Salmond gum biodh còirichean dhaoine air an dìon le bun-reachd sgrìobhte an dèidh neo-eisimeileachd.

Canaidh e cuideachd gun leanadh càirdeas ris a' chorr den Rìoghachd Aonaichte le aonta sòisealta.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh