Smachd-bhannan air na h-Eileanan Fàrach

Slaettaberg
Image caption Chan eil ach deich soitheach Fàrach an sàs ann an iasgach an sgadain.

Tha smachd-bhannan malairt gan cur an sàs an aghaidh nan Eilean Fàrach ri linn eas-aonta eadar-nàiseanta mu chòirichean iasgaich an sgadain.

Tha an argamaid air a bhith a' teasachadh eadar iasgairean Fàrach agus na h-Alba bho dh'èirich na tha muinntir nan Eilean a' glacadh de sgadain a thrì uidhir.

Thuige seo cha robh iasgairean Fàrach a' glacadh ach glè bheag de sgadan.

Tha na h-uisgeachan far am bi na Fàraich ag iasgach air an roinn leis an EU, Nirribhidh agus Innis Tìle, 's na Fàraich air a bhith a' gabhail mu 5% de na bhathas a ghlacadh uile gu lèir.

Puirt an Aonaidh Eòrpaich

Ach am bliadhna, gun aonta eadar-nàiseanta, dh'èirich na bha na Fàraich a' glacadh a thrì uidhir, gu 17%.

Tha ceannardan an iasgaich ann am Breatainn a' fàgail air na h-iasgairean Fàrach gu bheil an dol-a-mach aca mì-chùramach agus gun dèan e cron air stocan.

Tha na Fàraich ag ràdh ge-tà, nach fhaodar coire airson a' chron a chur air an àireimh bhig a tha iadsan a' glacadh.

Tha Bogi Jacobsen, a tha na sgiobair air bàt-iasgaich Fàrach, ag ràdh gu bheil an riaghaltas aige ceart a bhith a' seasamh aig an Aonadh Eòrpach (AE).

"Tha fhios againn gu bheil iasgairean an AE a' glacadh fada a bharrachd na tha de chuòta aca," thuirt e.

"Tha cead aca iasg a shadail air ais, seach an clàradh leis a' chuòta aca, 's mar sin chan ann mu mhaireannachd an iasgaich a tha seo, mar a tha an AE a' cumail a-mach.

"'S ann mu dheidhinn cò aig a bheil còir a bhith ag iasgach, cò aig a bheil còir air a' chuòta, a tha seo," thuirt e.

Tha smachd-bhannan an AE a' ciallachadh nach fhaod iasgairean Fàrach sgadan no rionnach sam bith a chur air tìr no a reic air puirt an AE.

Chuir Comann Iasgairean Pealagach na h-Alba fàilte air na smachd-bhannan. Tha a' chuid as motha den 29 bàta Breatannach a tha an sàs ann an iasgach an sgadain, stèidhichte ann an Alba.

Ach tha na Fàraich ag ràdh gu bheil slighean-imeachd an sgadain fhèin air atharrachadh, agus mar sin dheth, gu bheil còir aca barrachd a ghlacadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile