Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Dàibhidh Camshron gun cuir Breatainn moladh gu Comhairle Thèarainnteachd an UN ann an New York an-diugh fhathast a' cur cead ris na dh'fheumas dèanamh airson dìon a chur air an t-sluagh ann an Siria. Thuirt am Prìomhaire, an dèidh dha bruidhinn ris a' Cheann-Suidhe Obama an-raoir, nach urrainn dhan chòrr den t-Saoghal cùl a chur ris a' chunnart gun do chleachd Riaghaltas Shiria armachd cheimigeach faisg air Damascus an t-seachdain seo chaidh. Bidh a' Phàrlamaid a' deasbad na cùise a-màireach, le bhòt cuideachd ann an Taigh nan Cumantan.

Iorac

Chaidh còrr is 40 duine a mharbhadh ann an sreath ionnsaighean boma ann am prìomh bhaile Iorac, Baghdad. Chaidh còrr is 150 duine a leòn a bharrachd air sin, nuair a spreadh bomaichean aig còrr is deich làraichean air feadh a' bhaile.

Heileacoptairean Super Puma

Bidh còmhraidhean ann an-diugh mu leudachadh air a' chasg a th' air heileacoptairean Super Puma an-dràsta an dèidh na tubaiste far Shealtainn an t-seachdain seo chaidh. Bidh Buidheann-stiùiridh Sàbhailteachd nan Heileacoptairean a' deasbad a bheil gu leòr de dh'fhiosrachadh ann mu adhbhar na tubaiste. Cha d'fhuair an luchd-rannsachaidh sgeul fhathast air bocsa-clàraidh an heileacoptair.

Referendum na Neo-eisimeileachd

Tha an dà thaobh a' cur an argamaid an-diugh san deasbad mun referendum air neo-eisimeileachd. Canaidh Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu bheil an SNP ag ràdh cho beag 's is urrainn dhaibh mun chunnart a dhèanadh neo-eisimeileachd dhan eaconamaidh, cùisean cèine, agus dìon. Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag ràdh gu bheil an t-Aonadh a' cur maill air Alba.

Pàipear-baileat

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich gun lean strì airson ceist sa Ghàidhlig air pàipear-baileat an referendum. Coinnichidh Iain MacLeòid ri Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba mun chùis air an ath-mhìos. Ach thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, gur dòcha gum biodh e na b'fheàrr gun Gàidhlig idir air a' phàipear-baileat air eagal 's gum bi daoine an uair sin a' coireachadh na Gàidhlig airson ge b'e dè co-dhùnadh a bhios air a' bhòt.

Drabastair

Thèid binn air an ath-mhìos air tuathanach às an Eilean Sgitheanach a chaidh fhaighinn ciontach fo chasaidean gun robh e ri drabastachd le balaich òga. Fhuairear Niall Caimbeul, à Tàlasgair, a tha 69 bliadhna de dh'aois, ciontach mu choinneimh diùraidh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Sgìrean Glèidhte Bharraigh

Tha an comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, ag ràdh gum feum deasbad a bhith ann a-niste mun dòigh-riaghlaidh air sgìrean glèidhte aig muir far Bharraigh. Bha Mgr Manford a' bruidhinn 's coinneamh ann am Bàgh a' Chaisteil an-raoir a' toirt fiosrachaidh seachad mu na planaichean airson Sgìrean Dìon Mara (MPA) a stèidheachadh. Chaidh cead a thoirt mar thà do sgìre SAC mu Bharraigh, le cùmhnant gum bi làmh mhòr aig a' choimhearsnachd fhèin ann an riaghladh na sgeama sin.