Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha Buill-Phàrlamaid a' tilleadh gu Westminster feasgar airson deasbad air Siria, ach cha tèid iarraidh orra cead a thoirt do dh'ionnsaigh armaichte. Bithidh iad a' bhòtadh air am bu chòir do Bhreatainn a dhol an sàs ann an suidheachadh Shiria, ged a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson a dhol an sàs, cha thachair dad gus an tig co-dhùnadh bho sgioba sgrùdaidh an UN a tha a' rannachadh an do chleachd an Riaghaltas ann an Siria armachd cheimigeach. Thuirt na Làbaraich nach eil iad cinnteach fhathast an cuir iad taic ri moladh an Riaghaltais. Thuirt an Ceannard Làbarach, Ed Miliband, gu bheil esan airson ionnsachadh bho na thachair ann an Iorac.

Heileacoptair

Chaidh sprùilleach an heileacoptair anns an deach ceathrar a mharbhadh far Shealtainn a thoirt gu cidhe Lèarbhuig an-diugh. Cha d'fhuair an luchd-rannsachaidh sgeul fhathast air bocsa-clàraidh an heileacoptair. Leanaidh còmhraidhean ann an Obar Dheathain an-diugh mu leudachadh air a' chasg a th' air heileacoptairean Super Puma an-dràsta, an dèidh na tubaiste an t-seachdain seo chaidh.

An Co-op

Bha call, ro chìsean de chòrr is £700m air buidheann a' Cho-op air a' chiad leth den bhliadhna seo. 'S e droch fhiachan ann am meur banca a' Cho-op as coireach ris a' mhòr-chuid dheth sin. Tha a' chompanaidh a' strì ri beàrn de £1.5bn nan airgead-calpa.

Cumhachdan Eileanach

Bidh deasbad air tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach an-diugh aig a' chiad choinneimh riamh de bhuidheann mhinistear Riaghaltas na h-Alba. Tha na h-ùghdarrasan ionadail eileanach ag iarraidh tuilleadh chumhachdan an dèidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba, ge b'e dè co-dhùnadh na bhòta an ath-bhliadhna.

Gleann Comhann

Chaidh sgiobannan teasairginn a-mach an-diugh a-rithist a choimhead airson duine a th' air call ann an Gleann Comhann, an dèidh dha faileachadh orra sgeul fhaighinn air an-dè. Cha do thill an duine, a tha na 60an, nuair a bha dùil ris oidhche Mhàirt.

Airgead na h-Alba

Tha fear a bha na leas-riaghladair air Banca Shasainn a' càineadh plana Riaghaltas na h-Alba airson Alba neo-eisimeileach a bhith ann an aonta airgid leis an Rìochachd Aonaichte. Tha Brian Quinn ag ràdh gun bheil laigse mhòr sa phlana sin. Tha an SNP ag ràdh gum biodh e gu maith na Rìoghachd Aonaichte siostam an airgid a roinn le Alba neo-eisimeileach.