Gealltanas mu chamarathan ùra an A9

  • Air fhoillseachadh

Thuirt oifigearan còmhdhail gun tèid camarathan-astair cuibheasach air an A9 ron àm seo an ath-bhliadhna.

Tha iad ag ràdh gun dèan iad an rathad nas sàbhailte fhad 's a tha obair a' dol gus a dhèanamh dùbailte air fad eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Ach, thuirt an neach-iomairt an aghaidh nan camarathan, Mike Burns, nach e an t-astar aig a bheil daoine a' siubhail as motha a tha ag adhbharachadh thubaistean.

Dh'aontach an Superintendent Iain Moireach gu bheil diofar rudan ag adhbharachadh thubaistean, ach thuirt e gun dèan camarathan-astair cuibheasach feum.

Bu chòir dhan A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a bhith dùbailte air fad ro 2025.