Plana chumhachdan eileanach ga aontachadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich ceannardan nan comhairlean eileanach agus Ministear an Riaghaltais Ionadail, Derek MacAoidh, plana gus tuilleadh chumhachdan a thoirt do na sgìrean eileanach.

Tha comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn còmhla ag iarraidh gun tèid co-dhùnaidhean air barrachd de na rudan a bhuailleas air na sgìrean aca a dhèanamh anns na sgìrean aca.

Tha na comhairlean airson 's gun tachair sin co-dhiù thig neo-eisimeileachd do dh'Alba anns an reifreann an ath-bhliadhna.

Am measg na th' anns a' phlana, tha a bhith a' sgaoileadh chumhachdan a th' air Oighreachd a' Chrùin do na h-ùghdarrasan ionadail, a bheireadh dhaibh smachd air grunnd na mara agus air a' chladach.

Dheadh cuideachd obrachadh a dh'ionnsaigh smachd a bharrachd a thoirt do dh'eileanaich a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, còmhdhail agus riaghaladh.

Chaidh am plana aontachadh aig a' chiad choinneimh, ann an Dùn Èideann, de bhuidhinn-ghnìomha a chaidh a chur air bhonn mar fhreagairt air an iarrtas bho na h-ùghdarrasan ionadail eileanach, a dh'fhoillsich iad còmhla san Ògmhios, air a bheil "Ar n-Eileanan ri Teachd."

Thèid an ath-choinneamh a chumail ann an Steòrnabhagh san Dàmhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh