Cabhag ga iarraidh le leasachadh an A9
- Air fhoillseachadh
Coinnichidh buidheann bhon Eaglais Shaoir ri Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, Diardaoin seo tighinn a dh'iarraidh air an A9 a dhèanamh gu tur dùbailte eadar Inbhir Nis is Peairt cho luath 's a ghabhas.
Chuir ministearan litir gu Mgr Brown bho chionn ghoirid is iad ag ràdh gu bheil fada cus dhaoine a' call am beatha air an rathad.
Bha iad ag ràdh gum feumadh iad bruidhinn a-mach ri linn 's gu bheil uiread de theaghlaichean a' dol tro àmhghar, is iad a' call an luchd-dàimh.
Bidh a' choinneamh ann Diardaoin an 5mh là den t-Sultain.
Chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa an A9 eadar Inbhir Nis is Peairt a dhèanamh dùbailte ro 2025.
Tha na ministearan ag ràdh gum bu chòir dhaibh am planaichean a thoirt air adhart.