Poilis Astràilia a' sireadh fiosrachaidh
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ann am Melbourne ann an Astràilia a' sireadh fiosrachaidh bho dhaoine sna h-Eileanan Siar, feuch an gabh ainm cur air corp a chaidh a lorg ann o chionn 46 bliadhna.
Tha luchd-rannsachaidh air fiosrachadh fhaighinn o chionn ghoirid a tha a' toirt orra smaoineachadh gur ann às na h-Eileanan a dh'fhalbh an duine a dh'Astràilia uaireigin eadar 1945 agus 1966.
Chaidh a chorp a lorg san t-Sultain 1966, ann an Abhainn Yarra ann am Melbourne.
Bha briogais ghlas air, brògan dubha agus còta mhòr.
Fhuair iad bileag na phocaid a bh' air tighinn bho bhùth ghlanaidh-thioraim, air an robh an t-ainm MacDhòmhnaill.
Thathas a' tuigsinn gun robh an duine air a bhith san uisge eadar dà là agus ceithir làithean.
Cha robh lotan sam bith air a chorp, no coltas gun deach a dhochann.
Tha an luchd-rannsachaidh air iomadh oidhirp a dhèanamh feuch ainm a chur air an duine.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh bruidhinn ri Crimestoppers.