Geamhradh an Gleann Lìobhainn
- Air fhoillseachadh

Faodaidh an Geamhradh a bhith cruaidh sna glinn, ach tha leabhar ùr dhealbhan a' taisbeanadh bòidhchead na ràithe sin ann an Gleann Lìobhainn.

Chaidh "Geamhradh an Gleann Lìobhainn" a chur ri chèile gu faiceallach thar an deich bliadhna a dh'fhalbh, leis an fhear-thogail-dealbh Jamie Grannd, a tha a' fuireach sa ghleann.
Chleachd e seann chamara Leica M6 airson na dealbhan a thogail, ag obair a-mhàin ann an dubh is geal, agus a' falbh a-mach anns a h-uile aimsir.
B'e na bha fa-near dha, chan e a-mhàin bòidhchead na sgìre, ach cuideachd beatha nan daoine a tha a' fuireach agus ag obair sa ghleann a ghlacadh.
Tha torraidhean na h-oidhirp aige a-nis rim faicinn aig bùth-leabhar is gailearaidh an Watermill ann an Obar Pheallaidh, a tha cuideachd air an leabhar fhoillseachadh.
Ach, ri linn duilgheadasan le bhith a' cruthachadh faireachdainn agus dubhradh nan dealbhan gu ceart air pàipear, b'fheudar an leabhar a chlò-bhualadh le eòlaichean sònraichte san Spàinn.
B'fheudar an leabhar a thoirt a dh'Obar Pheallaidh le bàt-aiseig agus làraidh às an Spàinn, 's e a' ruighinn dìreach ann an àm airson an taisbeanaidh oidhche Haoine. a
Thuirt Jamie gun robh na dealbhan aige mar dhòigh air mar a tha e a' faireachdainn mun ghleann a chur an cèill, rud nach b'urrainn dha a dhèanamh le facail.
Bidh an taisbeanadh a' ruith chun an 3mh là den Dàmhair.