Rabhadh mu lasairean

  • Air fhoillseachadh
Heileacoptair nam Maor-cladaich
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Maor-chladaich Steòrnabhaigh gu robh cùis Bharraigh "mì-chùramach"

Thug na polais rabhadh do dhuine às dèidh mar a chaidh lasairean-rabhaidh dearg a losgadh aig pàrtaidh air an traigh ann am Barraigh aig an deireadh sheachdainn.

Chaidh sgioba mhaor-chladaich Steòrnabhaigh, heileacoptair agus bàt'-iasgaich a fhreagairt "gairm èiginn" air Tràigh Eòlaigearraidh oidhche Hathairne.

Thàinig e am barr ge-tà nach robh càil ceàrr agus gur ann mar chleas a chaidh na lasairean-rabhaidh a losgadh.

"Mì-chùramach"

Thuirt Màrtainn Collins bho Mhaor-chladaich Steòrnabhaigh gur e cleas gu math cunnartach a bha seo oir, nam biodh fìor èiginn air a bhith ann an àite air choireigin eile, nach biodh iad air a bhith air chomas dèiligeadh ris cho sgiobalta.