Iomairt Bhlythswood ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Map de Mholdova
Fo-thiotal an deilbh,
'S e sgìre bhochd a th' ann an Nisporeni

Tha Blythswood ag iarraidh taic mhuinntir Leòdhais agus na Hearadh an t-seachdainn-sa 's iad ag ullachadh airson stuthan-comhair a chuir a-null a Mholdova.

Tha meur Leòdhais dhen bhuidhinn-charthannais air a bhith ag obair ann am Moldova bho chionn deich bliadhna.

Bidh iad a' dèanamh iomairt shònraichte gach dàrna bliadhna airson stuth a chuir dhan dùthaich.

'S ann gu ospadal, sgoil agus dachannan do sheann daoine a thèid an stuth a chruinneachas iad.

Tha iad gu h-àraidh ag iarraidh gun toireadh daoine seachad àirneis ann an deagh stait, leapannan, bobhstairean, aodach leapa, tubhailtean agus aodach airson clann agus seann daoine.

Chan eil e ceadaichte dhaibh innealan a chleachdas dealan a thoirt a-null.

Feum mhòr

'S ann gu sgìre Nisporeni ann am meadhan Mholdova a thèid an stuth a thèid a chruinneachadh.

Tha Crìsdean Màrtainn bho Bhlythswood ag ràdh gu bheil feum mhòr aig an àite air cuideachadh.

"Nuair a thòisich Blythswood a' dol a-null an toiseach chunnaic iad cho bochd 's a bha an t-àite a bha seo an taca ri àitean eile agus thòisich iad ag obair ann an sin 's tha an t-ospadal air a thighinn air adhart rud beag saoilidh sinn, tha an sgoil tòrr nas fheàrr na bha i nuair a chaidh sinn ann an toiseach", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh